Taigh-tughaidh, Lùib, An t-Eilean Sgitheanach

Taigh-tughaidh, Lùib, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: GB1796_859_20_1094 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo de thaigh-tughaidh, is cinnteach ann an Lùib san Eilean Sgitheanach, a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn. Bhiodh mullach tughaidh na laighe air cliath fiodha na shuidhe air ballachan taighe. Bha e saor agus aotrom, is mar sin cha robh e a' fàgail cus cuideim air na ballachan. Chaidh diofar stuthan a chleachdadh, leithid connlach, fraoch no muran, a rèir na bha ri fhaighinn san sgìre. Chaidh an tughadh a chòmhdach le seann lìn-iasgaich no ròp, glè thric air an cumail sios le clachan mòra, mar a chithear gu soilleir san dealbh seo. Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive ÀITE: An Lùib SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: An Srath CREATOR (AV): M E M Donaldson LINN: 1920an; 1930an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis CRUINNEACHADH: M E M Donaldson Collection ID Maoin: 10970 KEYWORDS_GAELIC: