Rìgh na Glinne

Rìgh na Glinne

Dearbh-aithne: GB1796_1999_116_14_VI TUAIRISGEUL: An dealbh ainmeil 'Monarch of the Glen' le Sir Edwin Henry Landseer. Chaidh Landseer dhan Ghàidhealtachd an toiseach ann an 1824 a chèilidh air Sir Bhaltair Scott. Bha e measail air a' Ghàidhealtachd agus bhrosnaich sin iomadh dealbh, an tè seo nam measg. Is e 'Monarc' a chanas iad ri damh le 16 rinnean air a chabar (feumaidh còrr is òirleach de dh' fhaid a bhith ann an rinn). Is e damh 'Iompaireil' fear le 14 rinnean agus tha 12 rinn air fear 'Rìoghail'. Tha 12 rinn air cabar an daimh san dealbh agus, mar sin, is e damh Rìoghail a th' ann Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive ÀITE: N/A CREATOR (AV): Sir Edwin Henry Landseer NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis CRUINNEACHADH: Joseph Cook Collection (illustrations) ID Maoin: 11148 KEYWORDS_GAELIC: