Earrann de Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Cille Chuimein
Dearbh-aithne:GB1796_RAILWAYSLIDES_02_440TUAIRISGEUL:Seo dealbh de Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Cille Chuimein.
Bha Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Cille Chuimein a' ceangal Drochaid an Aonachain (air loidhne na Gàidhealtachd an Iar) agus Cille Chuimein. Chaidh an Achd a bha a' toirt cead an rathad-iarainn a thogail aontachadh ann an 1896 agus dh'fhosgail an loidhne anns an Iuchar 1903. Bha an loidhne air a h-obrachadh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway) airson a' chiad còig bliadhna agus bho 1908 gus an do dhùin i ann an 1947 bha i air a h-obrachadh le Rathad-iarainn an NB (North British). Sguir seirbheisean luchd-siubhail ann an 1933.
Bha na stèiseanan a leanas air an loidhne: Drochaid an Aonachain (ceann-rèile), Geàrr-Lòchaidh, Àrd-ùrlar Inbhir Ghlaoidh, Inbhir Garadh, Obar Chaladair, Cille Chuimein, Cidhe Chille Chuimein.
Bha e san amharc gum b' e seo a' chiad pàirt de cheangal rèile eadar An Gearastan agus Inbhir Nis ach cha d' fhuair e na b' fhaide na Cille Chuimein air sgàth eas-aonta eadar Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar agus an NB air aon taobh agus Rathad-iarainn na Gàidhealtachd air an taobh eile.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic ArchiveSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISNEACH-FIOSRACHAIDH:Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir NisCRUINNEACHADH:Railway Lantern SlidesID Maoin:11624KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath