Taigh Inbhir Ìonaid

Taigh Inbhir Ìonaid

Dearbh-aithne: HCD00036 TUAIRISGEUL: Thogadh Taigh Inbhir Ìonaid air cladach Loch Dubhthaich dhan Chaiptean Gerald Portman, ann an 1929. Ghabh e àite fear a chaidh ath-thogail ann an 1880 an dèidh teine ann an1864. Bha e uair aig Sir Alasdair MacMhathain, a bha na Bhall Pàrlamaid airson na sgìre eadar 1849 agus 1868. Rinn e fhortan tro mhalairt ri Sìona agus cheannaich e talamh agus togalaich ann an Loch Aillse nuair a thill e. Chaidh a' chiad taigh air an làraich a thogail ann an 1801 do Choinneach MacCoinnich. B' e bràthair athar do Shir Alasdair, Sir Seumas MacMhathain, fear dhen fheadhainn a stèidhich an companaidh malairt eadar-nàiseanta Jardine Matheson Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Inbhir Ìonaid SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Loch Aillse LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Duncan Macpherson (photographs) ID Maoin: 11761 KEYWORDS_GAELIC: