Kiltaraglen, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

Kiltaraglen, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: HCD_CARD_218 TUAIRISGEUL: Chithear 'Meall na h-Acairsaid' a tha còmhdaichte le craobhan, a' sìneadh a-steach don loch agus tha Taigh Viewfield dìreach ri fhaicinn anns na craobhan air fìor thaobh deas na deilbhe. Dh'fhaodte gu bheil an t-ainm 'Kiltaraglen' a' tighinn bho 'Cill' agus 'Talorgan', fear naomh a bha a' fuireach ann am Beul, faisg air cladach an locha, no bho 'Chaibeal a' Ghlinne' - an caibeal aig ceann a' ghlinne. Bhiodh an rathad a tha a' dol a-mach às a' bhaile air an t-slighe gu Stafainn, a' dol seachad air Taigh Kiltaraglen, is dòcha an taigh geal ann am meadhan na deilbhe. B' e seo an dachaigh aig Dr. Lachlan Màrtainn MacMhathain (c1817-1889) a bha na dhotair teaghlaich ann am Port Rìgh fad còrr is 52 bliadhna. B' esan an t-oifigear meidigeach airson paraistean Chille Mhoire, Sniothasort agus Port Rìgh agus bha e cuideachd na lighiche airson Companaidh Shaor-thoileach Phort Rìgh nan Camshronach. S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives ÀITE: Port Rìgh SGÌRE: An t-Eilean Sgitheanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse CRUINNEACHADH: Dualchas Postcards ID Maoin: 13004 KEYWORDS_GAELIC: