Eaglais Chaladair

Eaglais Chaladair

Dearbh-aithne: HC_PLANNING_06_004_0604 TUAIRISGEUL: Ann an 1619, bha an 12mh Tàna Caladair, Sir Iain Caimbeul, a' tilleadh à Ìle nuair a bha am bàta aige ann an stoirm. Rinn e ùrnaigh ri Dia gun togadh e eaglais ùr ann an Caladar nam fàgte beò e, a bhiodh na b' fhasa a ruigsinn nan eaglais a bh' ann aig an àm. Chaidh a ghleidheadh agus thogadh Eaglais Chaladair. Bha cumadh T air an togalach o thùs, ach chaidh seo a leudachadh ann an 1829-30 gu eaglais ann an cumadh croise mar a tha ann fhathast. Chaidh an taobh a-staigh atharrachadh gu tur ann an 1904. Tharraing Eaglais Chaladair aire an t-sluaigh ann an 2009 nuair a phòs Mark Owen on chòmhlan Take That anns an eaglais ÀITE: Caladar SGÌRE: Inbhir Narann (gu tìr) SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Caladar DEIT: 25 Iuchar 1980 LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: The Highland Council Planning Dept ID Maoin: 15118 KEYWORDS_GAELIC: