Dearbh-aithne:PAN_16_66TUAIRISGEUL:Rugadh Sìm Crìsdean Iòseph Friseal, an t-15mh Iarla Lovat ann an 1911 agus ghabh e tiotalan an teaghlaich ann an 1933. B' e an 24mh MacShimidh (Ceann Cinnidh Clann Fhriseil na Mòrfhaich) cuideachd. Lean e athair, Sìm Friseal, an t-14mh Iarla Lovat a stèidhich na Lovat Scouts, san t-saighdearachd. Bha e na cheannard air na commandos aig àm an Dara Cogaidh agus chaidh a leòn nuair a thàinig iad air tìr ann an Normandy. Chuir Hitler mìle marc air beatha MhicShimidh ri linn na chuala e mu dhànachd mar shaighdear. Choisinn MacShimidh duais DSO agus Crois Shaighdearach (MC).
An dèidh a' chogaidh bha e ag obair do Winston Churchill mar theachdaire dìomhair do Stalin ann am Moscow. Thuirt Churchill ri Stalin gur e 'an duine bu shèimhe a riamh a chuir soithichean gu grùnnd na mara no a gheàrr amhaich duin' eile'. An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth thòisich e air tuathanas air tac an teaghlaich ann an siorrachd Inbhir Nis agus fhuair e ainm mar fhear a bha mion-eòlach air gintinn cruidh. Bhàsaich e ann an 1995.
Anns an dealbh seo tha e a' bruidhinn aig Pàirce Thistle air Rathad Muileann an Rìgh. Ri cùl na deilbh tha rathad MhicEòghainn a chaidh ainmeachadh air Sir Alasdair MacEòghainn a bha na Phrobhaist air Inbhir Nis eadar 1925 agus 1931
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic ArchiveÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathCREATOR (AV):J NairnLINN:1950anNEACH-FIOSRACHAIDH:Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)CRUINNEACHADH:Jimmy Nairn & SonID Maoin:20481KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath