Tobar an t-Seanalair, Inbhir Nis

Tobar an t-Seanalair, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: PAW21961B TUAIRISGEUL: Tha tobar an t-seanalair faisg air an drochaid eadar Pàirc nam Bochd agus na h-eileanan air Abhainn Nis, Inbhir Nis. Chan eil cinnt ciamar a fhuair e an t-ainm. Tha cuid a' smaoineachadh gur ann on t- Seanalair Mac an t-Saoir, a bha a' fuireach ann an Taigh a' Bhught anns an naoidheamh linn deug. Tha cuid eile dhen bheachd gur e tobair an t-seann naoimh a th' ann. 'S ann mu dheidhinn na lodair a tha an sgrìobhadh air a' bhalla. Tha e ag ràdh gun deach an lodair a thoirt seachad, ann an 1872, le Coinneach MacCoinnich mus deach e air eilthireachd a dh'Aimeireaga agus 's e a mhac, Raibeart K MacCoinnich à Cleveland, a thug seachad an clàr air a bheil an sgrìobhadh, ann an 1956 Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 1957 LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG) CRUINNEACHADH: David Whyte Collection, Highland Photographic Archive ID Maoin: 21125 KEYWORDS_GAELIC: