Taigh Ghiuthsachan

Taigh Ghiuthsachan

Dearbh-aithne: PAWA0000396-A0000401(D) TUAIRISGEUL: Dealbh le peant de Thaigh Ghiuthsachan. Chaidh an taigh a bha ann an Srath Ghlais uarach air Oighreachd Ghiuthsachan o thùs a chur na theine le ceatharnaich Diùc Chumberland ann an 1745. Shealbhaich Uilleam Friseal 9mh an oighreachd nuair a bhàsaich athair ann an 1755 agus thog e taigh-oighreachd ùr. An dèidh làimhe chaidh an oighreachd a reic ri Morair Tweedmouth ann an 1855. Mus tàinig 1962 cha robh air fhàgail de Thaigh Ghiuthsachain ach tobhta. Thathar a' meas bhon dealbh seo gur e a' chiad taigh a chaidh a mhilleadh ann an 1745 a th' ann, oir tha dealbhan dhen tobhta san latha an-diugh a' sealltainn an aon shealladh-dùthcha ach togalach nas lugha. Tha am facal Giuthsachan a' tighinn bhon fhacal "giuthais." Faodar an dealbh seo a cheannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive ÀITE: Oighreachd Ghiuthsachain SGÌRE: An Àird SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cill Mhòraig NEACH-FIOSRACHAIDH: Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG) CRUINNEACHADH: David Whyte Collection, Highland Photographic Archive ID Maoin: 21489 KEYWORDS_GAELIC: