Dearbh-aithne:PAWA14396BTUAIRISGEUL:Chaidh dealbh-camara a thogail den t-seòmar-cuideachd seo ann an 1939. Tha e ann an Taigh Achadh na Cairidh, dachaigh Chamshronaich Loch Iall. An-diugh tha an rùm air a chleachdadh na sheòmar-bìdh.
Thathar den bheachd gur ann ann an Taigh Achadh na Càiridh a bha an rùm seo, ann an 1939. Tha Achadh na Càiridh eadar Loch Airceig is Loch Lòchaidh. 'S e dachaigh chlann Chamshroin à Loch Iall a bh' ann. Chaidh a' chiad togalach a thogail air an làraich mu 1655. Chaidh a chur na theine ann an 1746, an dèidh Blàr Chùil Lodair. Chaidh ath-thogail ann an 1802 a rèir dealbh a rinn Seumas Gilleasbaig Greumach (1776-1855). Anns an Dara Chogadh, bha Achadh na Càiridh, no 'Castle Commando', mar a bh' air uaireannan, air a chleachdadh mar ionad trèanaidh nan 'commando'
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic ArchiveÀITE:Achadh na CàiridhSGÌRE:Loch AbarSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Cill MhàillidhCREATOR (AV):David Whyte StudioDEIT:1939LINN:1930anNEACH-FIOSRACHAIDH:Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)CRUINNEACHADH:David Whyte Collection, Highland Photographic ArchiveID Maoin:21601KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath