Dearbh-aithne:PC_DONALD_ORKNEY04TUAIRISGEUL:Aon de na dreasairean le sgeilpichean an taobh a-staigh den tuineachadh nuadh-chreagach aig Bràigh Sgàra, Arcaibh. Tha gach taigh air uidheamachadh san aon dòigh le cagailt ann am meadhan an làir, leapannan-bogsa, agus dreasairean le sgeilpichean, ach a-mhàin taigh a h-ochd a tha na thaigh air leth bho chàch, agus is dòcha a bha air a chleachdadh mar àite obrach.
Chaidh cuid den tuineachadh aig Bràigh Sgàra a thoirt am follais an toiseach ann an 1850, a' leantainn air stoirm gharbh. Chladhaich an t-uachdaran ionadail, Uilleam Watt à Sgaill, na bha air fhàgail de cheithir sheann taighean ach às dèidh 1868 chaidh an obair a leigeil seachad. Ann an 1925 rinn stoirm eile milleadh air cuid de na taighean a bhathar air a chladhach roimhe agus chaidh balla-mara neartachaidh a thogail gus an làrach a dhìon. Fhad 's a bhathar a' togail, chaidh na bha air fhàgail de thuilleadh thaighean àrsaidh a lorg. Aig deireadh na 1920an agus tràth sna 30an ghabh an t-Ollamh Gòrdain Childe tuilleadh cladhachan os làimh agus thug e am follais na taighean-còmhnaidh a tha rim faicinn an-diugh. Dh'fhaodadh gun robh am baile air uisneachadh airson timcheall air sia ceud bliadhna eadar 3100 agus 2500 ro Chrìosd. Tha na structairean a tha am follais a' riochdachadh na h-ìre mu dheireadh den ath-thogail agus den ghabhail thairisÀITE:Bràigh SgàraCREATOR (AV):Janine DonaldDEIT:2002LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Janine DonaldID Maoin:22395KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath