Ospadal Iain Charles - Taobh na h-Aiseid a dh'fhosgladh le Loch Iall 4mh Cèitean 1923

Ospadal Iain Charles - Taobh na h-Aiseid a dh'fhosgladh le Loch Iall 4mh Cèitean 1923

Dearbh-aithne: PC_GM_ALBUM_68 TUAIRISGEUL: Tràth anns na 1920an bha impis air ùghdarrasan ionadail on riaghaltas, goireasan a chur air bhonn do mhàthaireachd agus do mhaith na cloinne, gu sònraichte o chionn 's gun robh uimhir de bhàs ri fhaicinn am measg mhàthairean agus chloinne. Tràth ann an 1920 bha Sgeama do Mhàthaireachd is do Mhaith na Cloinne aig Siorrachd Mhoireibh don t-siorrachd agus do na bailtean saora agus, na lùib bha dotaireachd do dh'aiseid, a bha feumach air làimhseachadh àraidh, ged a bhathar a' gabhail ris gum biodh a' mhòr-chuid de bhreith fhathast aig an taigh. Ann am facal eile, cha robh dùil ri cosgaisean mòra. An dèidh seo, ann an 1920 thàinig urrasaichean Ospadal Beag Iain Charles gu co-dhùnadh nach robh seòmraichean no luchd-obrach le eòlas gu leòr airson aiseid aig an ospadal bheag, anns nach robh ach dusan leabaidh. Tha coltas gun deach am piobrachadh gus seòmar-aiseid a thogail. An dèidh cnuasachd, thuig iad nach robh coltas gum biodh teachd-an-tìr o na h-ùghdarrasan ionadail agus gum biodh dà sheòrsa a thigeadh don ospadal:- (i) 'poor patients whose home surroundings are so limited as to endanger the health of the mother and child and from whom little or no payment can be expected' agus (ii) 'ordinary confinement cases that might be in a position to pay a moderate fee'. Bha iad dhen bheachd cuideachd gum biodh e 'advisable to limit the admission to married women'. Ann an 1923 bha ceannard nan nursaichean, dithis nursaichean ag ionnsachadh, dithis mhaighdeann agus fear, a bhiodh a' coimhead fùirneis is fearann, ann. Bhiodh iad uile a' fuireach an sin ach am fear. Nuair a bha àm na h-aiseid gu bhith ann, dh'aithnicheadh gum feumte nurs fhoghlaimte eile, ged a dh'fhaodadh gur e post nach biodh ann fad na h-ùine ach a rèir iarrtais. Bha seòmraichean gu leòr shuas an staidhre ann gus am biodh triùir nursaichean agus dithis mhaighdeann a' fuireach ann. Bha seòmar-laighe aig ceannard nan nursaichean air an aon ùrlar. Air 4mh Cèitean 1923 dh'fhosgladh an seòmar-eiridinn ùr le Loch Iall (a bha na urrasaiche air Ospadal Belford sa Ghearasdan (Inbhir Lòchaidh), agus thugadh an seòmar do Mhgr Cuthbertson, airson urrasaichean an ospadail, leis a' Bh-uas Seafield. Thug am Bàillidh Seumas Kerr dealbhadair-ghathan ùr do na n-urrasaichean agus thug am Pròbhaist Hastilow seachad taing. B' e an rùnaire an Còirneil Grant Smith aig oifis oighreachd ann am Baile nan Granndach S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach ÀITE: Baile nan Granndach SIORRACHD/PARRAIST: MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh DEIT: 4 Cèitean 1923 LINN: 1920an NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach CRUINNEACHADH: Grantown Museum Photographic Collection ID Maoin: 23182 KEYWORDS_GAELIC: