Taigh-òsta Grant Arms, Baile nan Granndach

Taigh-òsta Grant Arms, Baile nan Granndach

Dearbh-aithne: PC_GM_POSTCARDS_012 TUAIRISGEUL: Chaidh Taigh-òsta Grant Arms ann am Baile nan Granndach a dhealbhadh le Alasdair Marshall MacCoinnich agus chaidh a thogail eadar 1873 agus 1875. Anns an t-Sultain 1860, chuir a' Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert oidhche seachad anns an taigh-òsta mar phàirt de thuras dà latha. Shiubhail a' chàraid Rìoghail gu dìomhair rè an turais ghoirid aca. Mar a mhìnich a' Bhanrigh Bhioctoria sna leabhraichean-latha aice: "We decided to call ourselves Lord and Lady Churchill and party". "Brown once forgot this and called me 'Your Majesty' as I was getting into the carriage; and Grant on the box once called Albert 'Your Royal Highness'; which set us off laughing, but no one observed it." A rèir Bhioctoria, bha an seòmar-caidil aca "glè bheag ach glan" agus bha an dìnnear a fhuair iad ann "math agus bha a h-uile rud glan". Nuair a dh'fhàg iad an taigh-òsta an ath latha, fhuaireadh a-mach cò a bh' annta. Sgrìobh Bhioctoria san leabhar-latha aice "evidently 'the murder was out', for all the people were in the street, and the landlady waved her pocket-handkerchief, and the ringletted maid waved a flag from the window". Bha a' Ghàidhealtachd air fàs nas fhasanta am measg muinntir Bhreatainn às dèidh don Bhanrigh Baile Mhoireil a cheannach anns na 1840an. Chaidh turasachd am meud gu mòr anns an dara leth den 19mh linn mar thoradh air seo agus mar thoradh air an rathad-iarainn tighinn gu Baile nan Granndach. Tha Baile nan Granndach, a tha na bhaile dealbhaichte, suidhichte mu 32km ear dheas air Inbhir Nis. Chaidh a stèidheachadh ann an 1765 leis an uachdaran ionadail, Sir Seumas Grannd S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu: Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach ÀITE: Baile nan Granndach SIORRACHD/PARRAIST: MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh NEACH-FIOSRACHAIDH: Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach CRUINNEACHADH: Grantown Museum Photographic Collection ID Maoin: 23262 KEYWORDS_GAELIC: