Dearbh-aithne:PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_115TUAIRISGEUL:B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locomotaibhean a chaidh a thogail aig ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locomotaibh a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan. Tha iad sin air am meas mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rèile Lunnainn Brighton & an Oirthir a Deas.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 57 'Lochgorm'. B' i an dàrna tè sa chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail, san t-Samhain 1872. Chaidh a h-ath-thogail san Lùnastal 1897 agus b' i am ball a b' fhaide sa chlas a bha ann an seirbheis. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh leis an LMS san Dùbhlachd 1932.
Chaidh a h-ath-àireamhachadh 57A san Iuchar 1921 agus 57B sa Chèitean 1922. B' e 16119 an t-àireamh a bh' oirre aig LMSÀITE:neo-aithnichteNEACH-FIOSRACHAIDH:Comunn Rèile na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)ID Maoin:24606KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath