Brochan Lom

Brochan Lom

Dearbh-aithne: PC_CHRISTINASTEWART_BAIRNSKIST_08 TUAIRISGEUL: 'S e òran chloinne tradaiseanta Gàidhlig a th' ann am 'Brochan Lom'. Tha e air a chur an rian agus air a sheinn an seo le Cairistiona Stiùbhart, a bhios a' seinn agus a' teagasg òrain tradaiseanta Albannach. Refrain Brochan lom, tana lom, Brochan lom a sùghain (x3) Brochan lom, 's e tana, lom, 's e brochan lom a sùghain Verse Brochan tana, tana, tana Brochan lom a sùghain (x3) Brochan lom, 's e tana, lom, 's e brochan lom a sùghain (Bithidh gach neach na sheasamh ann an cearcall. Iarr air aon leanabh agus a phàrant seasamh anns a' mheadhan, agus spàinn fhiodh aca. Bithidh iad a' leigeil orra gu bheil iad a' cur na spàinn mu chuairt, fhad 's a bhios an còrr dhen bhuidheann a' gluasad timcheall orra mar a dhèanadh brochan anns a' phana. Anns an rann, tha na th' anns a' chearcall a' seasamh sa bhad, gan crathadh fhèin air neo a' bocadaich, mar bhrochan agus e a' goil. Dèan a-rithist e on toiseach, le duine mu seach a' faighinn cothrom an brochan a chur mu chuairt.) Tha an t-òran ri fhaighinn air an CD ' Bairn's Kist' le Cairistiona Stiùbhart, air a bheil cruinneachadh de dh'òrain tradaiseanta Albannach air an taghadh gus inbhich a bhrosnachadh gu bhith a' seinn, a' cluichd agus a' cleasachd ri cloinn òga. Rinn Cairistiona a bhuineas do dh' Inbhir Nis, rannsachadh air òrain tradaiseanta mar phàirt de a ceum on oilthaigh. Tha i a-nis ag obair le buidhnean de gach aois, a' seinn agus a' teagasg òrain tradaiseanta. DEIT: 2007 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Cairistiona Stiùbhart CRUINNEACHADH: Bairn's Kist (CD) ID Maoin: 2517 KEYWORDS_GAELIC: