Ceann a deas stèisean A' Bhlàr Dhuibh le ionad-stòraidh cumail suas sealach, An t-Iuchar 1989

Ceann a deas stèisean A' Bhlàr Dhuibh le ionad-stòraidh cumail suas sealach, An t-Iuchar 1989

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1085 TUAIRISGEUL: Sealladh de cheann a deas Stèisean A' Bhlàr Dhuibh le iionad-stòraidh cumail suas sealach a chaidh a thogail san Iuchar 1989. Chaidh an drochaid rèile a bha a' ceangal Inbhir Nis ris a' cheann a tuath a shiabadh air falbh ann an tuiltean sa |Ghearran 1989, an ìre mhath a' gearradh an lìonra na dhà leth. Chaidh Am Blàr Dubh a thaghadh mar an làrach airson ionad-stòraidh sealach airson an Loidhne a Tuath agus Loidhne A' Chaoil gus an deigheadh drochaid ùr thar Abhainn Nis a chrìochnachadh. Air 11 An t-Ògmhios 1862 dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Siorrachd Rois an loidhne eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain. Bha seo a' gabhail a-steach stèisean ann am baile Tharbhdail agus cho-dhùin an companaidh ainmeachadh an dèidh a' mhargaidh chruidh faisg air làimh, Am Blàr Dubh. An ceann ùine chaidh an t-ainm Am Blàr Dubh a thoirt air an sgìre mun cuairt. ÀITE: Am Blàr Dubh SGÌRE: Am Blàr Dubh SIORRACHD/PARRAIST: ROS: Urrath DEIT: Iuchar 1989 LINN: 1980an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 27768 KEYWORDS_GAELIC: