Seada-bathair Inbhir Narann, ceann an ear, Lùnastal 1995

Seada-bathair Inbhir Narann, ceann an ear, Lùnastal 1995

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1114 TUAIRISGEUL: An seada-bathair a bh' ann an Inbhir Narann, ann an Lùnastal 1995 . Chaidh Stèisean Inbhir Narann fhosgladh ann an 1855 na cheann-uidhe dhan ear aig Rèile Inbhir Nis is Inbhir Narann (I&NR), rèile a bha a' ceangal an dà bhaile sin. Ann an 1861 thàinig an I&NR gu bhith na phàirt de Rèile Gobhail Inbhir Nis is Obar Dheathain, agus ann an 1865 thàinig sin fhèin a bhith na phàirt de Rèile na Gàidhealtachd. Tha seirbheis chunabhalach de threanaichean luchd-siubhail fhathast air loidhne Inbhir Nis - Inbhir Narann, ach sguir na seirbheisean bathair san Lùnastal 1983. Chaidh an seada-bathair a thoirt às a chèile agus gabhaidh e fhaicinn an-diugh aig Stèisean Drochaid Dhun a th' aig an Rèile Chailleannaich, companaidh glèidhteachais. ÀITE: Inbhir Narann SIORRACHD/PARRAIST: SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann DEIT: Lùnastal 1995 LINN: 1990an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 27789 KEYWORDS_GAELIC: