Togalach agus àrd-ùrlair Stèisein Orbliston a' coimhead gu tuath, Ògmhios 1960

Togalach agus àrd-ùrlair Stèisein Orbliston a' coimhead gu tuath, Ògmhios 1960

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1165 TUAIRISGEUL: Sealladh air togalach agus àrd-ùrlair Stèisein Orbliston a' coimhead gu tuath. Chaidh an dealbh a thogail san Ògmhios 1960. Chithear deireadh treana ann, 's dòcha treana sònraichte, air a tharraing le einnsean GNSR 49. Chaidh Stèisean Àrd Fhachabair fhosgladh le Rèile Gobhail Inbhir Nis is Obar Dheathain (I&AJR) an 18mh den Lùnastal 1858. B' e an I&AJR tè de na companaidhean a chaidh còmhla gus Rèile na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1865. Chaidh an t-ainm ùr 'Orbliston Junction' a chur air san Dàmhair 1893 nuair a thàinig e gu bhith na ghobhal aig loidhne gobhail Fhachabair. Chaidh am facal 'Junction' (gobhal) a thoirt air falbh san t-Sultain 1960. Dhùin e do thrafaig bathair sa Ghiblean 1964 agus do sheirbheisean luchd-siubhail san Dùbhlachd sin. ÀITE: Orbliston SGÌRE: Fachabair SIORRACHD/PARRAIST: MOIREIBH DEIT: 14 Ògmhios 1960 LINN: 1960an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 27821 KEYWORDS_GAELIC: