Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid le HR 52 air trèana san àr-chabhsair sìos

Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid le HR 52 air trèana san àr-chabhsair sìos

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1245 TUAIRISGEUL: Sealladh de Stèisean Dhrochaid an Aonachain bhon drochaid. Tha HR 52 air trèana san àrd-chabhsair sìos. Air a h-àireamhachadh 15 bho thùs le Rèile na Gàidhealtachd, chaidh HR 52 ath-àireamhachadh trì turais le Rèile na Gàidhealtachd: gu 52 san Dùbhlachd 1900; gu 52A sa Mhàrt 1917; agus gu 52B san Lùnastal 1922. Eadar 1901 agus 1923 bha i a' giùlan an ainm 'Fortrose'. An dèidh a' bhuidhneachaidh chaill i a h-ainm agus b' e LMS 15016 a bh' oirre. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh sa Chèitean 1927. Chaidh Stèisean Dhrochaid an Aonachain fhosgladh bho thùs mar an ceann-uidhe a deas de Rèile Inbhir Garaidh agus Cille Chuimein (I&FAR) agus chaidh ùghdarras a thoirt dha san Lùnastal 1896. Ruith an I&FAR a-mach à airgead sa Chèitean 1903, mus do dh'fhosgail an loidhne, agus ghabh Rèile Na Gàidhealtachd thairis e (bha Rèile na Gàidhealtahcd dealasach mu am farpaisiche, Rèile Bhreatainn a Tuath (NBR), a chumail air falbh à Inbhir Nis). Mhair an aonta seo chun An Iuchar 1907 nuair a tharraing Rèile na Gàidhealtachd a-mach agus ghabh an NBR an àite. Chaidh an loidhne a dhùnadh air 31 An Dàmhair 1911 ach dh'fhosgail i a-rithist air 1 An Lùnastal 1913. Dà mhìos dheug an dèidh sin cheannaich an NBR i. Dhùin an loidhne do thrafaig luchd-siubhail air 1 An Dùbhlachd 1933 agus do bhathair air 1 Am Faoilleach 1947. Chaidh seada einnsean a thogail an seo ach cha deach a cleachdadhn a-riamh leis an tè ann an Cille Chuimein ga cleachdadh an àite sin. ÀITE: Drochaid an Aonachain SGÌRE: Loch Abar SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 27890 KEYWORDS_GAELIC: