Dearbh-aithne:PC_HRS_STATIONS_001_1260_ATTUAIRISGEUL:Tha Srath Pheofhair 4 mìle (6km) an iar air Inbhir Pheofharain ann an srath Abhainn Pheofharain. 'S ann mar thoradh air na fuarain de phronnastan a chaidh an lorg ann sna 1770an a dh'fhàs e ann am meud is cho mòr aig daoine. Le taic làidir o Bhan-iarla Chrombaidh an là sin, leasaich am baile beag na àite spà Bhictorianach.
Mar a dh'fhàs cliù nan goireasan spà aig Srath Pheofhair, bha e follaiseach gun robh feum air rathaidean na b' fheàrr a' tighinn thuige. Ann an 1863 chaidh moladh a dhèanamh gus loidhne rèile a thogail o Inbhir Pheofharain gu ruig Caol Loch Aillse, a' dol taobh Shrath Pheofhair, ach chaidh uachdarain talmhainn na sgìre an aghaidh na slighe a chaidh a mholadh. Chaidh an loidhne tùsail mar sin a chur air slighe eile mu dhà mhìle gu tuath air Inbhir Pheofharain, ach le ùine dh'fhàs seo mì-iomchaidh. Mu dheireadh chaidh cead a thoirt seachad gus stèisean ann am meadhan a' bhaile a thogail agus dh'fhosgail loidhne-gobhail ùr Shrath Pheofhair, san dealbh seo, ann an 1885. Nuair a dh'fhosgail an loidhne ùr, chaidh an seann stèisean ath-ainmeachadh mar Auchterneed.
Nuair a dh'fhosgail an loidhne ùr seo, dh'fhàs am baile na b' fheàrr buileach aig daoine. Chaidh iomadh taigh-òsta eireachdail agus aitreabh mòr Bhictorianach a thogail gus an àireamh de luchd-turais a fhrithealadh nuair a thigeadh iad "a ghabhail nan uisgeachan." Bha stèisean na rèile glè thrang ann am mìosan an t-samhraidh agus ann an 1911 thog Companaidh Rèile na Gàidhealtachd a thaigh-òsta fhèin, Taigh-òsta na Gàidhealtachd. Aig an Aghaidh Mhòr a h-uile seachdain bhiodh an 'Strathpeffer Spa Express' a' ceangal ri treanaichean on deas agus chaidh iad sin dìreach dhan Spà gun stad, ach ann an Inbhir Pheofharain.
'S e toiseach a' Chiad Chogaidh a chunnaic toiseach dol-sìos an Spà agus a rèile. Sguir an 'Strathpeffer Spa Express' às dèidh seusan 1915 agus chaidh Taigh-òsta na Gàidhealtachd a ghabhail fo smachd muinntir na h-armachd. Cha d' fhuair Srath Pheofhair a-riamh air ais a chliù bhon àm ron chogadh. Dhùin Stèisean Shrath Pheofhair ri luchd-tadhail an 23mh Gearrain 1946 agus dhùin e gu tur an 26mh Màirt 1951. Ach chaidh togalaichean an stèisein am fàgail nan seasamh agus ann an 1980 chaidh an ath-nuadhachadh agus an-diugh tha iad nan dachaigh do Thaigh-tasgaidh Gàidhealach na Leanabachd agus do bhùithean eile.ÀITE:Srath PheofhairSGÌRE:Inbhir PheofharainSIORRACHD/PARRAIST:ROS: FothraitidhDEIT:2008LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Andrew TaylorID Maoin:27903KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath