'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus falbh, Inbhir Theòrsa, Giblean 1951

'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus falbh, Inbhir Theòrsa, Giblean 1951

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1390 TUAIRISGEUL: 'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus am falbh e à Inbhir Theòrsa gu ruig Inbhir Nis sa Ghiblean 1951. Chaidh 'Ben Alder', einnsean de chlas nam Beanntan Beaga, a thogail san Iuchar 1898. Fhuair e a-rithist an àireamh LMS 14398 air, agus chaidh sin atharrachadh gu 54398 le Rèile Bhreatainn. Air a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1953, bha iad am beachd 'Ben Alder' a ghlèidheadh gu snasail, ach mu dheireadh chaidh a chur gu briseadh ann an 1966. Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige. ÀITE: Inbhir Theòrsa SIORRACHD/PARRAIST: GALLAIBH: Inbhir Theòrsa DEIT: 25 Giblean 1951 LINN: 1950an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 28004 KEYWORDS_GAELIC: