HR 103 air treana sònraichte shuas, Ògmhios 1960

HR 103 air treana sònraichte shuas, Ògmhios 1960

Dearbh-aithne: PC_HRS_STATIONS_001_1398 TUAIRISGEUL: HR 103 air treana sònraichte shuas ann an Tom Aitinn san Ògmhios 1960. B' e 103 a' chiad fhear de na h-einnseanan-treana den Chlas 'Big Goods' 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail ann an 1894. An dèidh dha tighinn à seirbheis ann an 1934 (leis an àireamh ùr air 17916 às dèidh an atharrachaidh) chaidh a thoirt air ais dha chiad dhreach agus choltas leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a thoirt air ais gu ìre làn-obrach le Rèile Bhreatainn agus chuir e seachad ùine a' tarraing chuairtean sònraichte do luchd-leanmhainn. ’S e seo an aon locomòtaibh bho Rathad-iarainn na Gàidhealtachd a th’ air fhàgail, agus chithear e aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne ann an Glaschu. Chaidh stèisean Thom Aitinn fhosgladh le Rèile na Gàidhealtachd san Iuchar 1897, na phàirt den loidhne ùr dìreach eadar an Aghaidh Mhòr is Inbhir Nis. Chaidh seo a thogail airson cnap-starra a chur sna planaichean a bh' aig Rèile Bhreatainn a Tuath agus Rèile Mhòr Alba a Tuath airson na loidhnichean acasan a leudachadh gu ruig Inbhir Nis. Dhùin Tom Aitinn an 3mh den Chèitean 1965 còmhla ris a h-uile stèisean eile, ach a-mhàin Drochaid Chàrr, air a' phìos seo den loidhne. ÀITE: Tom Aitinn SGÌRE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais DEIT: 15 Ògmhios 1960 LINN: 1960an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Stations ID Maoin: 28011 KEYWORDS_GAELIC: