Dearbh-aithne:PC_HRS_STATIONS_001_1414TUAIRISGEUL:HR7 ann a' Bhatan.
Chaidh an t-einnsean-treana seo a thogail airson Rèile Ghobhlach Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorn de dh'Inbhir Lite san Lùnastal 1858. Bha e na phàirt den chlas 'Seafield' a chaidh a dheilbh le Alasdair Ailean. B' e 'Fife' a' chiad ainm a bh' air agus bha na cuibhlichean air an càradh 2-4-0.
Chaidh a chur a-null do Rèile na Gàidhealtachd, a bha ùr-stèidhichte, ann an 1865. Thog iadsan às-ùr e sa Chèitean 1875 mar 4-4-0 le soileandairean na bu mhotha agus an t-ainm ùr 'Dingwall' air. Chaidh a tharraing à seirbheis agus a reic ann an 1893.
Chaidh stèisean Bhatain fhosgladh le Rèile Chataibh is Ghallaibh san Iuchar 1874. Bha dà àrd-ùrlar agus lùb dol-seachad ann agus dà bhogsa-chomharra, a chaidh an leagail a-rithist. Chaidh Bhatan a dhùnadh gu seirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus gu trafaig bathair sa Chèitean 1964.ÀITE:BhatanSIORRACHD/PARRAIST:GALLAIBH: BhatanNEACH-FIOSRACHAIDH:Comunn Rèile na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Railway Society - StationsID Maoin:28023KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath