HR 146 'Skibo Castle' air trèana faisg air A' Mhanachainn, An Lùnastal 1923
Dearbh-aithne:PC_HRS_TRAINS_001_095TUAIRISGEUL:HR 146 'Skibo Castle' air trèana faisg air A' Mhanachainn san Lùnastal 1923. 'S e an 2.35 f às An Aghaidh Mhòr a dh' Inbhir Ùige a th' anns an t-seirbheis. 'S e carbad le mullach soilleir (clerestory') le Rèile Meadhan-thìre a th' anns a' chiad choidse.
B' e pàirt den chiad bhaidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail 4-6-0 clas 'Castle' a chaidh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le Pàdraig Druiminn a bh' ann an HR 146. Chaidh a togail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear i san Ògmhios 1900. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14681 a bh' innte agus lean i ann an seirbheis gua an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dàmhair 1946.ÀITE:A' MhanachainnSGÌRE:An ÀirdSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Cill MhòraigDEIT:31 Lùnastal 1923LINN:1920anNEACH-FIOSRACHAIDH:Comunn Rèile na GàidhealtachdCRUINNEACHADH:Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)ID Maoin:28144KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath