Àir. 828 glèidhte le Rèile Chaledonia ann an Coit a' Ghartain, An Lùnastal 1995

Àir. 828 glèidhte le Rèile Chaledonia ann an Coit a' Ghartain, An Lùnastal 1995

Dearbh-aithne: PC_HRS_TRAINS_003_538 TUAIRISGEUL: Locomotaibh Àir. 828 Glèidhte le Rèile Chaledonia ann an Coit a' Ghartain san Lùnastal 1995. 'S e an locomotaibh seo an aon bhall de Chlas 812 aig Rèile Chaledonia, agus a chaidh a dhealbhachadh le Iain F. Mac an Tòisich, a mhair. Chaidh buill den chlas seo a thogail gus obrachadh air trèanaichean bathair luath, trafaig turais agus trèanaichean bàta luath. Chaidh 828 a thogail aig Ionad-obrach St Rollox ann an Glaschu agus chaidh a lìbhrigeadh san Lùnastal 1899. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 17566 a bh' oirre agus fhuair i goileadair agus bogsa-toite ùr. An uair a chaidh an rèile do sheilbh na stàite bha i stèidhichte aig seada Corkerhill agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1963. Goirid an dèidh sin chaidh a ceannach le Maoin Glèidhteachais Locomotaibhean na h-Alba airson luach £900. Aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2011) chithear an locomotaibh ag obair air Rèile Srath Spè. ÀITE: Coit a' Ghartain SGÌRE: Bàideanach SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais DEIT: Lùnastal 1995 LINN: 1990an NEACH-FIOSRACHAIDH: Comunn Rèile na Gàidhealtachd CRUINNEACHADH: Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day) ID Maoin: 28526 KEYWORDS_GAELIC: