Blà Bheinn às An Òrd, An t-Eilean Sgitheanach

Blà Bheinn às An Òrd, An t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_021 TUAIRISGEUL: Tha Blà Bheinn na beinn a tha pìos a-mach bhon a' chòrr de Dhruim A' Chuilthinn air an Eilean Sgitheanach aig ceann Loch Shlaopainn. Tha i air a sgaradh bhon a' chòrr den druim le Gleann Shligeachan agus aig àirde de 928m (3044 troigh), 's i an aon bheinn den dà Rothach dheug a tha anns an Eilean Sgitheanach nach eil na pàirt de Dhruim A' Chuilthinn. 'S ann le creag gabbro a tha i air a dèanamh agus tha seo ga dèanamh fìor mhath airson sreap. 'S ann às a' Ghàidhlig a tha an t-ainm Blàbheinn ach chan eil fios le cinnt air a' chiall. Tha diofar bheachdan ann, nam measg a' bheinn ghorm, a' bheinn bhlàth, a' bheinn ghrianach, beinn nan sian agus beinn nam blàth. 'S ann air oighreachd Srathaird a tha Blà Bheinn a tha air a bhith fo chùram Urras Iain Muir bho chionn 1994 ÀITE: Blà Bheinn SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 28878 KEYWORDS_GAELIC: