Dearbh-aithne:PC_JMSTRACHAN_040TUAIRISGEUL:'S e Gleann Comhann gleann cho ainmeil 's a th' ann an Alba. Tha e a' ruith mu dheich mìle eadar Mòinteach Rainich agus Loch Lìobhann agus 's e làrach cudromach a th' ann a thaobh creag-eòlais agus luibh-eòlais. Tha cuid den choiseachd agus den
t-sreap as fheàrr ann an Alba anns a' ghleann. Tha an t-Aonach Eagach air taobh tuath a' ghlinn, 's thathar ag ràdh gur e fear de na cuairtean-sreap thairis air druim as dorra air tìr-mòr Alba agus air an taobh dheas tha Bidean nam Beann, Buachaille Èite Beag agus Buachaille Èite Mòr.
'S ann an Gleann Comhann a thachair am murt mòr ann an 1692 nuair a chaidh 38 duine de Chlann Dòmhnaill a mharbhadh. Bha an riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de na Dòmhnallaich air sgàth 's nach do gheall iad mionnan do Uilleam III ro cheann-latha sònraichte. Chaidh Reiseamaid Earra-Ghàidheil, fo riaghladh Caimbeulach Ghleann Lìomhann, a dh'fhuireach còmhla ri na Dòmhnallaich le òrdughan a h-uile duine dhen chinneadh fo aois 70 a mharbhadh ann am meadhan na h-oidhche. Cha deach cùisean gu math agus ged a chaidh 38 a mharbhadh, fhuair an fheadhainn eile air falbh do na beanntan ged a chaochail feadhainn eile le bhith a-muigh san fhuachd. Bha an ùpraid mu dheidhinn às a dhèidh a' cur cuideam air mar a chaidh brath a ghabhail air aoigheachd nan Dòmhnallach le saighdearan an riaghaltais, seach mun mhurt fhèinÀITE:Gleann ComhannSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEALNEACH-FIOSRACHAIDH:J I R MartinID Maoin:28897KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath