Loch Toilbhe agus Stob Ghobhar

Loch Toilbhe agus Stob Ghobhar

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_088 TUAIRISGEUL: Tha Loch Toilbhe 3 cil gu tuath air Drochaid Urchaidh. 'S e a' bheinn ann am meadhan na deilbh, Stob Ghobhar. Tha e 1090m a dh'àirde is inbhe Rothaich aige. Tha e air aon de na ceithir Rothaich sa Mhonadh Dhubh ('s iad na trì eile Stob a' Choire Odhair, Creise agus Meall a' Bhuiridh). Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812), am bàrd cliùiteach, air slèibhtean ìochdrach a deas Stob Ghobhar air croit Druim Liaghart faisg air drochaid Bhictòria. Rinn e còmhnaidh san sgìre suas gu 1767 agus ghluais e an uair sin a Dhùn Èideann, far an do dh'fhuirich e an còrr dhe bheatha. Bha nàdar na phrìomh chuspair ann am mòran de bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. 'S ann airson an dàin 'Moladh Beinn Dòbhrainn' as fheàrr a dh'aithnichear e ÀITE: Loch Tulla SGÌRE: Ceann a Deas Latharna SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis CREATOR (AV): JM Strachan LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 28944 KEYWORDS_GAELIC: