Dearbh-aithne:PC_JMSTRACHAN_185TUAIRISGEUL:Tha Carragh-cuimhne ainmeil nan Commando gu mòrail is gu h-àrd os cionn Drochaid an Aonachain. Tha na trì figearan umha nan seasamh gu moiteil agus a ' coimhead thar a' Ghlinne Mhòir, le aodach-cogaidh, bonaidean-clòimhe is brògan-streap orra. Chaidh an Carragh-cuimhne seo, a tha 17 troighean a dh'àirde, a dhealbhadh le Scott Sutharlanach aig Colaiste Ealain Dhùn Dèagh an 1949, agus chaidh fhosgladh leis a' Bhanrigh Ealasaid, Màthair na Banrigh an 1952. Tha ceudan de sheann shaighdearan Comanndo a' tadhal air a' Charraigh-chuimhne anns an t-Samhain a h-uile bliadhna airson na Seirbheis Chuimhneachaidh agus airson Cur Bhlàth-fhleasg.
Tha baile Dhrochaid an Aonachain na shuidhe 9 mìle gu tuath air a' Ghearasdan air an A82, tha meud na coimhearsnachd a' dol am meud. Tha am baile ainmeil mar an t-àite far an tàinig saighdearan an Dara Chogaidh far na trèana is iad a' faighinn trèanadh bunaiteach Commando san sgìreÀITE:Drochaid an AonachainSGÌRE:Loch AbarSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Cill Mo NaomhaigNEACH-FIOSRACHAIDH:J I R MartinID Maoin:29026KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath