Dearbh-aithne:PC_JMSTRACHAN_197TUAIRISGEUL:Beinn Nibheis air a thogail bho thaobh bhaile na Còrpaich. Tha a' Chòrpaich air an rathad a tha a' dol dhan iar a dh'ionnsaigh Loch Iall is Malaig.
Rè linn Bhioctoria, bhiodh bàtaichean-pleadhaig a' seòladh suas Loch Linne agus dhan bhàgh aig a' Chòrpaich agus an uair sin a Shlighe-uisge a' Ghlinn Mhòir, nuair a bha feadhainn dhen chiad luchd-siubhail a' gabhail cuairt gu tuath a Loch Nis is Inbhir Nis fhèin.
Dh'fhàs a' Chòrpaich sna 1970an, is daoine a' tighinn a-steach a dh'obair aig a' Mhuilinn Phronnaidh is Phàipeir ùir. Thàinig fàs is leasachadh air a' mhuilinn-shàbhaidh leis gun robh i a' làimhseachadh barrachd is barrachd chraobhan, leis an fhiodh ga chur gu feum anns a' ghnìomhachas-phronnaidh agus le companaidhean-togail. Tha aonadan gnìomhachais beaga, a bharrachd air obair-togail bhàtaichean, cuideachd nam pàirtean den bhaile shoirbheachail seo. Gheibhear, an-diugh, an dà ghnìomhachas; tionnsgalachd agus turasachd, sa bhaile dhùthchail seo.
Tha a' Chòrpaich na laighe aig an t-slighe a-steach gu Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir agus mar sin chan eil gnothaichean muireil is luingearachd nan annas dhan choimhearsnachd bhig seo a tha an cois loch-mhara, so-sheòlta.
'S i Beinn Neibhis, aig 1344 meatair, a' bheinn as àirde ann am Breatainn. Tha iomadh slighe chun a' mhullaich, nam measg 'slighe an luchd turais'. Air druim àrd air an ear-thuath tha tobhtaichean ionad-faire na h-aimsire aig an robh daoine ag obair eadar 1883 agus 1904ÀITE:Beinn NibheisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISCREATOR (AV):JM StrachanNEACH-FIOSRACHAIDH:J I R MartinID Maoin:29039KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath