Gleann Seile, Ros an Iar

Gleann Seile, Ros an Iar

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_276 TUAIRISGEUL: Tha Gleann Seile ann an Ros an Iar a' ruith airson 10 mìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Cluainidh agus beanntan drùidhteach air gach taobh dheth, 's nam measg Còig Peathraichean Chinn Tàile. Tha an gleann air iomadh tachartas eachdraidheil fhaicinn thar nan linntean, nam measg Blàr Ghlinn Seile. An dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 nach do shoirbhich, rinn na Seumasaich oidhirp eile air an crùn fhaighinn air ais ann an 1719. Thàinig seo gu bhith air ainmeachadh mar an t-Ar-a-mach Beag. Chaidh an t-arm Seumasach a thoirt còmhla le Camshron Loch Iall , Iarla Shìophoirt agus am Morair Seoras Moireach, agus chaidh mu 300 Spàinneach a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719 a-steach còmhla riutha. Mheàrrs am feachd gu Gleann Seile agus choinnich iad saighdearan Hanobhair. Ged a bha meud agus neart an dà thaobh cosmhail ri chèile, chaill na Seumasaich agus sgaoil iad. Tha Sgùrr nan Spainneach, a' bheinn os cionn làrach a' chatha, a' cumail cuimhne air na saighdearan Spàinnteach a bhith ann ÀITE: Gleann Seile SGÌRE: Taobh an Iar Dheas Rois SIORRACHD/PARRAIST: ROS NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 29097 KEYWORDS_GAELIC: