Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh, Loch Fhaschoille

Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh, Loch Fhaschoille

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_285 TUAIRISGEUL: Tha Loch Fhaschoille na thasgadh-uisge fuadain gu tuath air Baile Chloichridh, agus tha e na phàirt de sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Thòisich obair air an sgeama sna 1930an, agus tha a-nis grunn stèiseanan cumhachd agus tasgaidhean-uisge eadar Baile Chloichrigh san ear, Dail Chluinnidh gu tuath agus Mòinteach Raineach gu siar. 'S e Loch Fhaschoille an tasgadh-uisge mu dheireadh air Sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Bidh uisge a' sruthadh bho Loch Theimheil agus a' dol tro thunail gu Stèisean Cumhachd Chluanaidh mus ruig e Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichridh air Loch Fhaschoille. Tha Loch Fhaschoille air a chumail air ais le Dam Bhaile Chloichridh, a thogadh eadar 1947-50. San Dam tha cuideachd fàradh-èisg, a leigeas le bradain a dhol suas an abhainn gu na h-àitean sìolachaidh aca. Tha Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh air taobh iar-thuath Loch Faschoille. Chaidh a thogail air an aon mheudachd ris an tunail a tha a' giùlain uisge eadar Loch Theimheil agus Stèisean cumhachd Chluanaidh. Tha an tunail fhèin 2791 meatairean (9158 t) a dh'fhaid agus thugadh 400,000 tunna de chloich air falbh aig àm a thogail ÀITE: Baile Chloichrigh SIORRACHD/PARRAIST: PEAIRT: Maoilinn LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 29100 KEYWORDS_GAELIC: