Sligh'-uisge a' Chrìonain aig Lagan a' Chrìonain

Sligh'-uisge a' Chrìonain aig Lagan a' Chrìonain

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_303 TUAIRISGEUL: Tha Sligh'-uisge a' Chrìonain a' ruith eadar An Crìonan agus Àird Driseig, agus tha mu 14.5 cil (9 mìle) a dh'fhaid ann. Tha an dealbh seo, air a thogail bhon Chrìonan, a' sealltainn lagan Sligh'-uisge a' Chrìonain san roi-ionad agus Loch a' Chrìonain ris a' chùl. Chaidh an t-sligh'-uisge a dhealbhachadh le Iain Rennie agus a thogail eadar 1793-1801, agus leig e le bàtaichean an t-slighe dhoirbh timcheall air Maoil Chinn Tìre a sheachnadh, a' gearradh 160 cil (100 mìle) bhon turas eadar An Crìonan agus Àird Driseig. Tha dlùth-cheangal aig Sligh'-uisge a' Chrìonain ri Pufairean Chluaidh. B' e bàtaichean bathair beaga a bh' annta air an dealbhachadh airson a dhol tro Shlighean-uisge Foirthe, Chluaidh agus A' Chrìonain, agus bidh cuimhne orra gu bràth air sgàth sgeulachdan Nèill Rothaich mu Phara Handy agus an 'Vital Spark' ÀITE: Sligh'-uisge a' Chrìonan SGÌRE: Meadhan Earra-Ghàidheil SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL CREATOR (AV): JM Strachan LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 29113 KEYWORDS_GAELIC: