Bogh Mòr, Ìle, a' coimhead dhan Eaglais Chruinn

Bogh Mòr, Ìle, a' coimhead dhan Eaglais Chruinn

Dearbh-aithne: PC_JMSTRACHAN_331 TUAIRISGEUL: Tha Bogh Mòr na bhaile dealbhaichte agus chaidh a stèidheachadh ann an 1768 le Daniel Caimbeul à Shawfield agus Ìle. Chaidh a thogail mar phàirt de sgeama ath-thuineachaidh gus daoine a ghluasad bho sheann bhaile Cill Ara, a bha faisg air Taigh Ìle. Nuair a chaidh am baile a thogail an toiseach, bha farsaingeachd gu leòr eadar na sreathan de thaighean a leigeil le teaghlaichean an cuid bìdh fhèin fhàs agus bò bhainne a chumail. Aon de na prìomh thogalaichean ann am Bogh Mòr 's e sin Eaglais Cill an Rubha, tè de dhà eaglais chruinn ann an Alba. Chaidh a h-ùghdarrachadh leis an uachdaran Daniel Caimbeul à Shawfield agus chaidh a togail leis an teaghlach Spalding eadar 1767 agus 1769. Chaidh a dealbhachadh coltach ri tè anns an Ròimh. Tha am mullach air a chumail suas le colbh a thathar a' creidsinn a bha uaireigin na chrann air soitheach mara. Tha e air a ràdh gun deach a dealbhachadh cruinn gus nach b' urrainn dhan Deamhainn a dhol am falach anns na h-oiseanan. Tha Ìle ceangailte ri dèanamh an uisge-bheatha agus tha an t-eilean na dhachaigh do ochd taighean-staile a tha fhathast ag obair. Chaidh Taigh-staile Bogh Mòr a thogail ann an 1779 agus 's e an taigh-staile as aosta ann an Ìle agus an dàrna taigh-staile as aosta ann an Alba. ÀITE: Bogh Mòr SGÌRE: Ìle SIORRACHD/PARRAIST: EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh CREATOR (AV): JM Strachan LINN: 1970an NEACH-FIOSRACHAIDH: J I R Martin ID Maoin: 29129 KEYWORDS_GAELIC: