Dearbh-aithne:PC_MACFARLANE-SLACK_02TUAIRISGEUL:"Cha do leig m' athair air riumsa fiosrachadh sam bith a bh' aige mu thaobh Adams dhen teaghlach no comharra sam bith gun robh piuthar aig mo sheanair. Nuair a fhuair mi seo a-mach ann an 2001 bha e mar gum bithinn air ulaidh a lorg. Le bhith a' fuasgladh teaghlach Seònaid Adams, chunnaic mi gun do phòs i Seumas MacCheyne bho Chille Chuithbeirt ann an 1909, fear òg a ghabh anns na Kings Own Scottish Borderers 3 bliadhna roimhe sin aig aois òg (agus mì-laghail) 15 bliadhna.
Chaidh a leigeil às an arm air adhbharan meidigeach beagan mhìosan mus do phòs e agus rinn e fhèin agus Seònaid an dachaigh ann an Cnoc Màiri ann an Glaschu. Bha nighean agus dithis mhac aca mus deach an cogadh a ghairm ann an 1914 agus ghabh Seumas às ùr dhan t-seann rèiseamaid aige. Cha d' fhuair mi a-mach fhathast mar a chaith e an ath thrì bliadhna, ach fhad 's a bha e a' toirt seirbheis sa chogadh, bha a chùis-bhròin fhèin aige aig an taigh nuair a chaochail an nighean aige le tinneas cuim ann an 1915. Ann an 1917 bha Seumas ann am Flanders agus san Dàmhair sa bhliadhna sin chaidh a leòn ann an treas batail Ypres ris an canar a-nis Passchendaele. Thug an leòn bàs dha ann an ionad meidigeach aig Tuathanas Bleuet faisg air a' bhlàr agus chaidh a thiodhlacadh sa chladh bheag faisg air làimh am measg feadhainn eile bho dhà thaobh na còmhstri agus bho dhùthchannan fad às.
Tha sgeulachd Sheumais McCheyne agus mòran sgeulachdan eile a tha air an tiodhlacadh ann an tasglannan air feadh an t-saoghail a-nis rim faighinn airson sgrùdadh agus mìneachadh do dhuine sam bith aig a bheil ùidh annta, biodh iad den t-sliochd no nan eachdraichean. Tha am fiosrachadh seo a' leigeil leinn coimhead air na ginealaichean a chaidh romhainn agus na thogras sinn fhìn a thoirt às. Mar a tha sinn air fhaicinn bho chionn ghoirid air an TBh agus daoine ainmeil a' coinneachadh ri dìomhaireachdan teaghlaich air an robh iad aineolach, faodaidh e bhith na fhèin-fhiosrachadh a dh'ìslicheas tu agus a ghluaiseas d' inntinn.
Bidh duslach Sheumais McCheyne gu bràth na laighe sa Bheilg agus rinn mi an turas a Thuathanas Bleuet ann an 2005 a thadhal air a' chladh mar a bhios mòran luchd-turais a' dèanamh gach bliadhna. Chaidh agam cuideachd air obrachadh a-mach turas Seònaid McCheyne 's a teaghlaich a-steach dhan 20mh san 21d linn. Phòs Seònaid a-rithist às dèidh a' chogaidh agus bha i a' còmhnaidh ann an Cnoc Màiri còmhla ris an duine aice gus an do chaochail iad tràth anns na 1950an. Thàinig a dithis mhac gu inbhe agus phòs fear dhiubh agus bha a theaghlach fhèin aige; b' ann den ghinealach agamsa a bha a' chlann aige. Ann an 2005 lorg mi seòladh mo cho-oghaichean ùra agus ghnog mi air an doras aca. Tha mi toilichte a ràdh gun robh iadsan a cheart cho toilichte cluinntinn mu ar deidhinn 's a bha sinne coinneachadh riuthasan."
Drew MacPhàrlain-Slack
6 Am Màrt, 2007ÀITE:BelgiumDEIT:2005LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Drew MacPhàrlain-Slack MBEID Maoin:29212KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath