Abhainn Nis agus eaglaisean

Abhainn Nis agus eaglaisean

Dearbh-aithne: PC_MACLEAN_INVERNESS08_06 TUAIRISGEUL: Tha trì eaglaisean suidhichte faisg air a' chèile air bruach a deas Abhainn Nis. Is iad na stìoballan aig an t-Seann Àrd Eaglais, an Eaglais Shaor a Tuath agus Àrd-eaglais Chaluim Chille. Tha an t-Seann Àrd-Eaglais air an taobh chlì. Bha i air Cnoc Naomh Mhìcheil fiù's ro 1171. Thathar den bheachd gur e an tùr-cluig bhon 16mh no bhon 17mh linn am pìos as sine dhen eaglais bho na meadhan linntean. Anns an t-17mh linn thogadh mullach an tùir, agus thogadh e an àite a' bhidein agus a' mhullaich, a thogadh anns na meadhan linntean. Tha iomall air le clachan-taic agus bidean de chopar. Tha na clachan-taic airson an fhiodh a bh' ann o thùs fhathast rim faicinn anns an tùr-chluig. Tha cleoc le ceithir taobhan air an tùr, agus thathar air a bhith a' bualadh a' chluig aig ochd uairean a h-uile feasgar bho 1720, ach ri linn an Dàrna Cogaidh Air an taobh dheas dhen t-Seann Àrd-Eaglais, tha an Eaglais Shaor a Tuath, a thogadh eadar 1889 agus 1893, aig ceann drochaid Sràid Ghreig. Chaidh a dealbhachadh le Ross agus MacBeth, agus thogadh i le coltas Gotach finealta. 'S ann oirre a tha an stìoball as àirde an Inbhir Nis, agus tha bidean air a mullach le uinneagan beaga. Air an taobh dheas den tulchainn, a tha ris an t-sràid, tha tùr le staidhre. Gabhaidh an Eaglais Shaor a Tuath co-thional de 1,300. Nas fhaide chun an taoibh dheis tha Àrd-Eaglais Shaor na h-Alba, ris an canar an-diugh Eaglais Chaluim Chille, a tha na seasamh air làrach seann taigh-grùdachais. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh Gotach dìreach, le MacKenzie and Mathews, eadar 1851 agus 1852, Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath DEIT: 2008 LINN: 2000an NEACH-FIOSRACHAIDH: Clare Maclean ID Maoin: 29253 KEYWORDS_GAELIC: