Àrd-Shràid, Inbhir Nis

Àrd-Shràid, Inbhir Nis

Dearbh-aithne: PC_PRISCUS_SCO5210 TUAIRISGEUL: Àrd-Shràid, Inbhir Nis san dealbh seo. Chaidh a togail le Seòras Washington MacUilleim (1823-1893), a bha na dhealbhadair stèidhichte ann an Obar Dheathain a shiubhail air feadh Alba is thall thairis a' togail dhealbhan den dùthaich mun cuairt agus a' cleachdadh seòmar-dorcha so-ghiùlan. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhioctoria, is fhuair e coimisean bhuaipe a chum ath-thogail Baile Mhoireil a chlàradh ann an dealbhan. Is e Banca na h-Alba a bh' anns an togalach ghrinn air an taobh chlì eadar 1907 agus bho chionn ghoirid. Chaidh a dhealbhadh leis na h-ailtirean MacCoinnich agus Matthews à Eilginn mar a' phrìomh oifis aig a' Bhanca Caledonian ann an 1847. Tha bhàsa mhòr aig gach taobh den fhor-uinneig agus tha dealbhan blàth-fhleasgach de Bhanrigh Bhioctoria agus den Phrionnsa Albert orra. Tha dealbhan de dhaoine a tha a' riochdachadh talamh is muir air an tiompanum os cionn colbhan Coirintianach a' phortico. Chaidh iad seo a shnaidheadh le A. Handyside Ritchie. Thathar ag ath-nuadhachadh an togalaich mar bhàr ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath CREATOR (AV): George Washington Wilson LINN: 1880s (c.) NEACH-FIOSRACHAIDH: Mark Butterworth - Priscus CRUINNEACHADH: Imaging the Past ID Maoin: 29575 KEYWORDS_GAELIC: