Dearbh-aithne:PC_PRISCUS_SCO5289TUAIRISGEUL:Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì. San dealbh seo chithear Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì. Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus an rùm-dorcha gluasadach aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.
Tha Caibeal an Naoimh Òrain faisg air Abaid Eilein Ì. Chaidh a thogail san dara linn deug agus 's e an togalach naomh as sine a tha fhathast na sheasamh air Eilean Ì. 'S e sin àite tìodhlacaidh Chloinn Dòmhnaill agus Tighearnan nan Eilean agus timcheall air tha Rèilig Òdhrain, an t-àite tìodhlacaidh aig dà fhichead 's a h-ochd de rìghrean Alba, ceathrar phrionnsachan Èirinn, ochdnar rìghrean à Nirribhidh, aon rìgh Frangach agus iomadh sàr cheann-cinnidh Gàidhealach.
Tha sgeulachd ag innse gun robh Colm Cille airson caibeal a thogail, ach na ballachan a chaidh an togail tron là 's ann a chaidh an leagail tron oidhche le cumhachdan dorchadais. Bha aisling aig Colm Cille a sheall dha gur ann le ìobairt daonnda a ghabhadh caibeal a thogail. Thairg fear de na bràithrean, Òran, e fhèin na ìobairt agus chaidh a thìodhlacadh beò. An uair sin sheas ballachan a' chaibeil gu daingeann. Ach bha Colm Cille cho brònach mu chall a charaid 's gun do dh'fhosgail e an uaigh an ceann trì latha. Chuala e guth Òrain ag innse dha nach robh nèamh agus ifrinn mar a bha dùil! Thug Colm Cille orra an uaigh a lìonadh
a-rithist ann an cabhaigÀITE:ÌSGÌRE:MuileSIORRACHD/PARRAIST:EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Fhìonnchain 's Cill MhicEòghainnCREATOR (AV):George Washington WilsonLINN:1880s (c.)NEACH-FIOSRACHAIDH:Mark Butterworth - PriscusCRUINNEACHADH:Imaging the PastID Maoin:29576KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath