Loch Coir' Uisge, an t-Eilean Sgitheanach

Loch Coir' Uisge, an t-Eilean Sgitheanach

Dearbh-aithne: PC_PRISCUS_SCO5393 TUAIRISGEUL: Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin. Ann an seo tha sealladh cho borb, fàsachail 's a th' ann am Breatainn. Tha Loch Coir' Uisge na thuairisgeul a tha glè iomchaidh: smaoinich air loch mòr air a lìonadh le uisge dorcha, uaine, air a chuairteachadh le stacan reubte is briste, na bonnan aca air an sgapadh le sgrios on àm a chaidh crith-talmhainn seachad an sin agus na mullaichean aca a' briogadh an adhair le bideanan grànda is sgealban biorach. Chan eil gluasad sam bith an seo ach an ceò geal ag èirigh bhon aigeal agus ag iadhadh mu na stoban air a bheil fhathast lorgan sneachda a' gheamhraidh. Tha an t-sàmhchair cho trom ri eallac oir, a bharrachd air fuaim nan tonn air tràighean Loch Sgàbhaig, no ròcail fithich fada os ar cionn, chan eil sìon ann a bhriseas an t-sàmhchair. Tha an sealladh gu lèir uabhasach lom is aonranach. Tha an iolaire beò an seo gun bhacadh, agus chithear i a' sgaoileadh a sgiathan gu rìoghail là sam bith, cha mhòr. Chan eil an loch ach beagan throighean os cionn àirde na mara, far a bheil "A wild stream with headlong shock Comes brawling down a bed of rock To mingle with the main" - Scott 'S e obair gu math nas duilghe a th' ann a bhith a' sreap suas, oir, feumaidh tu do rathad a thaghadh gu mionaideach thairis air ulpagan mòra, clachan lìomhte agus boglaichean; bu chòir seo a dhèanamh gu socair gus am bi cothrom agad toileachas a ghabhail anns an t-sealladh air ... (Loch Sgàbhaig) ÀITE: Loch Coir' Uisge SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS LINN: 1880s (c.) NEACH-FIOSRACHAIDH: Mark Butterworth - Priscus CRUINNEACHADH: Imaging the Past ID Maoin: 29586 KEYWORDS_GAELIC: