Dearbh-aithne:PC_PRISCUS_WCS6369TUAIRISGEUL:Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
'S e fìor sheann chleachdadh a tha seo san Eilean Sgitheanach; chan e a-mhàin gu bheil gràdh aig an eileanach air àite a bhreith ach bidh e a' leantainn cleachdaidhean a shinnsearan. Ged a bha seann lagh ann cho fad air ais ris an treas linn deug a bha ag ràdh "That no man shall presume to grind his own grain," ach a-mhàin ann an suidheachadh gu math sònraichte, agus nas fhaisg air an latha an-diugh dh'fhaodadh an t-uachdaran toirt air na màladairean na dòighean as luaithe air bleith a chleachdadh agus iarraidh air a' mhuillear "to search out and break any querns he can find," mar innealan a bhiodh a' cumail chìsean air falbh bhuaithe. Chan eil an croitear a' fàs uiread de choirce ann an seusan math, agus gu tric, mar thoradh air droch sheusan no ionnsaighean nam fiadh, chan eil ann nas fhiach a thoirt dhan mhuilinn. Ann an suidheachadh mar seo tha a' chlach-cuaich air a cur gu feum. 'S e sin nuair a bhios an sìol air a dheagh thiormachadh ann am poit thairis air teine mònach; agus an uair sin, agus a' mhuileann air atharrachadh, bidh an sìol air a leigeil a-steach san fhosgladh sa chloich-mhullaich le aon làimh, agus an làmh eile a' cur na cloich eile timcheall le inneal sgonnach ga gluasad. Bhon a tha a' chlach ìosal beagan os-cearclach agus a' chlach gu h-àrd beagan fo-chearclach, bidh a' mhin a' tuiteam a-mach asta air a h-uile taobh air an anart sgaoilte a-mach gus a glacadh. Gus an gabh an cochall a-muigh a thoirt dheth, tha e air a shìoladh tro shìoltachan a chaidh a dhèanamh le bhith a' sìneadh seice caorach air cleith, agus an uair sin ga tholladh air fad le iarann teth. Tha sìoltachan den t-seòrsa seo ann an làimh a' bhodaich san dealbh seoSGÌRE:An t-Eilean SgitheanachSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NISLINN:1880s (c.)NEACH-FIOSRACHAIDH:Mark Butterworth - PriscusCRUINNEACHADH:Imaging the PastID Maoin:29603KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath