Dearbh-aithne:PC_PRISCUS_WCS6395TUAIRISGEUL:Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
Taobh thall Caolas na Hearadh tha Uibhist a Tuath na laighe, agus nuair a chithear sealladh farsaing air bho Bheinn Lì, tha e gu tur diofraichte on Eilean Fhada oir, ann an Uibhist a Tuath tha am fearann ìseal, dorcha, letheach fon mhuir air a bhriseadh suas le caolais na mara air a h-uile taobh; gu dearbh tha na linneachan seo cho doirbh 's gun dèidheadh duine nach robh eòlach ann am bàta beag buileach air chall sna cuairtean ioma-shligheach, claiseach a th' annta. Air tràighean nan sàilean caola seo, a tha coltach ri aibhnichean, ach far a bheil a' mhuir a' lìonadh 's a' tràghadh, bidh daoine a' cruinneachadh am beul na h-oidhche a' togail feamainn a loisgeas iad gus ceilp a dhèanamhÀITE:Uibhist a TuathSGÌRE:Uibhist a TuathSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Uibhist a TuathCREATOR (AV):George Washington WilsonLINN:1880s (c.)NEACH-FIOSRACHAIDH:Mark Butterworth - PriscusCRUINNEACHADH:Imaging the PastID Maoin:29629KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath