Dearbh-aithne:PC_PRISCUS_WCS6418TUAIRISGEUL:Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
'S e boireannaich Hiort a tha a' dèanamh na h-obrach gu lèir a thaobh connadh a ghiùlan agus, duine sam bith a chuidicheadh a bhean, bhiodh e sa bhad na dhroch eisimpleir. Tha àireamh nam boireannach air an eilean beagan nas motha na àireamh nam fear, agus chan eil coltas ann gu bheil àireamh an t-sluaigh ag èirigh, is cinnteach mar thoradh air cho tric 's a tha bàs a' falbh leis a' chloinn, agus bho nach robh ach aon leanabh ann an deich a' mairsinn beò mus tàinig bean-ghlùine dhan eilean; chan eil an aon àireamh idir a' bàsachadh an-diugh. Bidh an dà chuid, na fir agus na mnathan, ri obair fighe agus seach gu bheil pailteas clòimhe aca bidh iad a' snìomh an aodaich fhèin, agus tha pailteas dhen sin aca dhaibh fhèin agus, 's àbhaist, gu bheil gu leòr dheth airson a reic aig a' mhaor, MacLeòid an Dùn Bheagan, le mar a chaidh a thoirt seachad na phàirt den mhàl acaÀITE:HiortSGÌRE:Na HearadhSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Na HearadhCREATOR (AV):George Washington WilsonLINN:1880s (c.)NEACH-FIOSRACHAIDH:Mark Butterworth - PriscusCRUINNEACHADH:Imaging the PastID Maoin:29648KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath