Dearbh-aithne:PC_ROBERTREID_3VIRTUES_008TUAIRISGEUL:Pàirt de dh'obair ealain a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil ann an Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis sa Mhàrt 2008. Chaidh a cruthachadh le pròiseact IOTA (Inverness Old Town Art) a chionn 's gun robh cuimhne agus meas aig muinntir a' bhaile air trì ìomhaighean a rinn Anndra Davidson, a bha nan seasamh air togalach aig oisean na h-Àrd-sràid agus Sràid a' Chaisteil bho linn Bhictòria gus 1995. Bha na h-ìomhaighean stèidhichte air na caractaran ann am beul-aithris Greugach air an robh na 'Three Graces' ach is iad na Trì Buadhan: Dìlseachd, Dòchas is Carthannas a bh' aig muinntir an àite orra.
Bha Matt Baker, prìomh neach-ealain pròiseact IOTA, ag iarraidh obair-ealain ùr a chruthachadh gus trì buadhan aig Inbhir Nis a riochdachadh. Dh' iarr e air coimhearsnachdan san sgìre trì buadhan ainmeachadh a bu chòir a bhith mar phrionnsabalan stiùiridh aig a' bhaile. Air a' cheann thall, chaidh leanaltas, cridhe fosgailte agus tuigse a thaghadh.
Riochdaich Baker na buadhan seo ann an trì pìosan de chloich Ghallaibh. Tha colas air na clachan mar gu bheil iad air spreidheadh tron chabhsar anns an ceann a deas Sràid na h-Eaglaise. Tha diofar ghnè den chraobh beithe mar phàirt de gach pìos cloiche agus tha fear de na buadhan ùra air a ghràbhaladh air gach fear, ann am Beurla, Gàidhlig agus Seann LochlannaisÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathCREATOR (AV):Robert ReidDEIT:20 Cèitean 2009LINN:2000anNEACH-FIOSRACHAIDH:Robert ReidID Maoin:29788KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath