Dealbh o 1997 - Ionad a bha Uaireigin na Mhargaidh Sprèidh an Inbhir Nis
Dearbh-aithne:PC_ROBERTREID_INV_MARKET_02TUAIRISGEUL:Chaidh an t-ionad falamh seo, na laighe gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn, a chleachdadh mar àite pàirceadh chàraichean mus deach leudachadh Ionad Bhùthan a' Gheata an Ear agus mòr-mhargaid Safeway (a-nise Morrisons) a thogail. Roimhe sin 's e ionad margaidh-sprèidh is rup Inbhir Nis a bh' air.
Sna seann làithean bhiodh tuathanaich ag iomain an cuid bheathaichean tro shràidean Inbhir Nis gu na margaidhean sprèidh a bh' aig mullach Bràigh Stìophan agus air Cnoc an t-Sabhail aig mullach Staidhre Raining. Às a seo bhiodh na beathaichean glè thric an toirt gu deas gu na creichean sprèidhe ann am Peairt is san Eaglais Bhreac. Bha an talamh gu tuath air Rathad Allt a' Mhuilinn air a bhith na bhogalach fad linntean, àite a bhiodh tric air a lìonadh le uisge agus bha lòn marbh dùinte den ainm Loch Gorm na mheadhan. Cha b' ann gu ruig meadhan na h-18mh linn a chaidh an talamh a thraoghadh agus dh'fhàg siud e iomchaidh airson togalaichean a chur ann. Chaidh pìos mòr den talamh sin a ghabhail thairis mu dheireadh le na margaidhean sprèidh.ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathCREATOR (AV):Robert ReidDEIT:1997LINN:1990anNEACH-FIOSRACHAIDH:Robert ReidID Maoin:29852KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath