Ceannard Scuadrain John B Niven DFC, na phleana Spitfire

Ceannard Scuadrain John B Niven DFC, na phleana Spitfire

Dearbh-aithne: PC_ROGER_NIVEN_11 TUAIRISGEUL: Ceannard Scuadrain John B Niven DFC, na phleana Spitfire. Rugadh is thogadh Iain Brown Niven ann an Dùn Èideann. An dèidh fhoghlam aig sgoil Sheòrais Heriot, chaidh e a-steach do ghnothachas an teaghlaich ag obair air mullaichean thogalaichean, Iain Low, Sglèatairean. B' e sgiathalaich, ge ta, a dheagh mhiann bho òige, agus aig aois naodh-deug san Òg-mhios 1939, chuir e a-steach ainm gu soirbheachail do Shaor-thoilichean Glèidhte an RAF (Volunteer Reserve). Chuir e steach airson Colaiste Feachd an Adhair ann an Cranwell agus fhuair e ann, ach mum b' urrainn dha tòiseachadh, chaidh èigheachd air san t-Sultain seirbheis a dhèanamh sa chogadh. Tro bhliadhnachan a' chogaidh rinn e seirbheis chliùiteach san RAF, a' sgiathalaich Spitfires san RA, sna h-Innseachan agus ann an Iapan. B' e Ceannard a' Scuadrain ann an Scuadran 602 Baile-mòr Ghlaschu agus ann an Scuadran 485 Shealain Ùir. Choisinn e an DFC (Crois na Sgiathalaich Cliùitich) le crann-tarsainn airson a dhìchill mhisneachail. (Tha crann-tarsainn air a chur ri ribean an DFC airson luchd-coisnidh a tha a' faighinn an dàrna duais.) Às dèidh a' chogaidh chaidh Iain a-steach air ais do ghnothachas mhullaichean an teaghlaich, phòs e Dorothy Hood agus bha triùir chlann aca. Ghluais e a dh'Inbhir Theòrsa airson obair a dhèanamh ann an roinn na luchd-obrach aig UKAEA (Ùghdarras Lùth Atomaigeach na Rìoghachd Aonaichte) ann an Dùn Rath, mus deach e mu dheireadh a dh'fhuireach ann an Inbhir Nis na fhear-obrach aig an HIDB (Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean). Bha Iain fìor dhèidheil air goilf (chluich e bho bhacadh de 2) agus sna 1960an bha e na mheadhan air ath-ùrachadh is leudachadh a' chùrsa aig a' Mheaghrath faisg air Inbhir Theòrsa. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1985 agus bhàsaich e san Dàmhair 1986. Tha a bhean, a mhac agus a dhithis nighean fhathast a' fuireach ann an Inbhir Nis 's an Inbhir Narann. LINN: 1940an NEACH-FIOSRACHAIDH: Roger Niven CRUINNEACHADH: John B Niven: Spitfire Pilot ID Maoin: 29887 KEYWORDS_GAELIC: