Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, togalach leudaichte 1913: taobh a-muigh, exterior, dealbh air a thogail air oisean Rathaidean Midmills is Kingsmills mu 1920
Dearbh-aithne:PC_ROYALACADEMY2_015TUAIRISGEUL:Ghluais Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis bho a làrach thùsail ann an Sràid Ùr (air a bheil Sràid na h-Acadamaidh a-nis) gu làrach ùr ann an sgìre a' Chrùin. Cha robh cruth togalach na sgoile freagarrach tuilleadh airson an t-seòrsa foghlaim a bhathar a' toirt seachad aig an àm. Dh'fhosgail togalach ùr ann an sgìre a' Chrùin anns a' Ghearran 1895. Dh'fhàs an sgoil agus chaidh an togalach a leudachadh gu mòr air taobh deas na làraich air Rathad Midmills le deuchainn-lannan, seòmraichean ealain agus talla-spòrs. Rinneadh seòmraichean clas àbhaisteach de na deuchainn-lannan agus de na seòmraichean ealain mu dheireadh.
Thòisich obair dealbhachaidh ann an 1910, agus chaidh gabhail ri tairgsean togail anns an t-Samhain 1911. Dh'fhosgail an togalach ùr, a tha ri fhaicinn air taobh deas na deilbh seo, gu h-oifigeil san Fhaoilleach 1913 le J. Annan Bryce, Ball Pàrlamaid, le mòran dhaoine cudromach bhon choimhearsnachd an làthair. Chaidh aonta a dhèanamh gum biodh an Àrd-sgoil (a bha fhathast suidhichte san togalach far a bheil Sgoil a' Chrùin a-nis) a' roinn na làraich agus cuid den luchd-obrach leis an Acadamaidh. Tha grunn dehalbhan ann de na seòmraichean clas a chaidh a thogail mun àm a chaidh an sgoil a thogail. A rèir coltais, cha do dh'atharraich na seòmraichean gu ìre mhòr sam bith eadar fosgladh an togalaich agus gluasad na sgoile don làraich ùir ann an Cùl Daothail ann an 1979.
Bha ceithir deuchainn-lannan saidheans air an làr ìosal cho math ris an talla spòrs. Bha na seòmraichean ealain air a' chiad làr cho math ri seòmar-òraid saidheans. Rinneadh seòmar-ciùil den t-seòmar-òraid. Bha taighean-beaga agus seòmraichean-chòtaichean anns an togalach ùr cuideachd. Chosg an togalach ùr mu £8000 agus phàigh Roinn Foghlaim na h-Alba £2500 de seo mar tabhartas. Phàigh luchd-pàighidh chìsean Baile agus Siorrachd Inbhir Nis an còrr de na cosgaisesan. Tha sia dealbhan ann a chaidh a thogail aig àm an fhosglaidh oifigeil. Chaidh na seòmraichean a chleachdadh uaireannan le àrd sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, a bha stèidhichte anns an togalach a tha a-nis le Sgoile a' Chrùin.
Goirid às dèidh fosgladh an togalaich, chaidh clasaichean oidhche saidheans agus ealain (airson daoine a bha air an sgoil fhàgail) a ghluasad bhon Àrd-sgoil don Acadamaidh far an robh deagh ghoireasan ùra ann. Cha b' fhada gus an robh duilgheadasan ann le pàirt de mhullach an togalaich, is dòcha mar thoradh air uireasbhaidh dealbhaidh. Chaidh na taighean-beaga a chleachdadh rè nan cogaidhean le luchd nam feachdan armaichte a bha stèidhichte ann an Tallachan Eaglais a' Chrùin air taobh eile na sràideÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathDEIT:1913LINN:1910anNEACH-FIOSRACHAIDH:Robert PreeceCRUINNEACHADH:Inverness Royal Academy (photographs)ID Maoin:29902KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath