200 bliadhna o bhun-stèidheachadh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, 1992
Dearbh-aithne:PC_ROYALACADEMY_011TUAIRISGEUL:Iarla Inbhir Nis a' toirt an t-sanais-chuimhneanachaidh am follais. Tha na leanas anns an dealbh: Val NicIomhair (Cathraiche, Comataidh an Fhoghlaim, Comhairle Roinn na Gaidhealtachd), neach nath aithnichear (ach tha sinn an dòchas am fios sin fhaighinn fhathast!) agus Iarla Inbhir Nis (am prionnsa Anndra).
A dèidh an fhoillseachaidh, chaidh am prionnsa Anndra mun cuairt ann an corra raon den sgoil, nam measg taisbeanadh eachdraidh anns an robh a' chairt rìoghail agus dealbhan den sgoil o iomadh linn.
Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, a Bhiodh a' teagasg gràmar is cànan na Laidinn mar phrìomh chuspairean. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr an toiseach. Thairg an t-Acadamaidh foghlam gu math na b' fharsainge a-nis. Bha a cuid fhoghlaim ann do bhalaich, ach tha fianais gun robh nigheanan a' tighinn gu cuid a chlasaichean o thòisich an sgoil.
Ann an 1895 dh'imich an sgoil gu togalach ùr ann an Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis - togalach a tha mar phàirt de Cholaiste Inbhir Nis a-nis. Anns na 1970an thug togail nan taighean-còmhnaidh ùra air a' chomhairle rian às ùr a chur air teagasg ann an àrd-sgoiltean ann an Inbhir Nis agus faisg air a' bhaile. Mar thoradh air sin, thòisich Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Acadamaidh Allt a' Mhuilinn agus Adacamh Chùil Lodair air roinnean fa leth a' bhaile a fhrithealadh mar sgoiltean làn-chuspaireil. Gu ruige seo Bhiodh an t-Acadamaidh Rìoghail a' frithealadh nan sgoilearan a Bhiodh buailteach deuchainean de Scottish Leaving Certificate a dhèanamh aig Àrd-Ìre. Eadar 1977 is 1979 dh'imich an t-Acadam Rìoghail don treas làrach aige ann an Cùil Duthail, a bha aig iomall a' bhaile ri linn sin.
Ann an 1992 chomharraich an t-Acadamaidh 200 bliadhna le sreath de thachartais, agus nam measg thadhail Iarla Inbhir Nis (am prionnsa Anndra) air an sgoil air 26mh Ògmhios. Le seo, dh'aithnicheadh gun tug an treas Rìgh Deòrsa Cairt Rìoghail don Acadamaidh an 1793. Tha an litir seo ann fhathast agus i ri fhaicinn anns an sgoil. Chaidh a càrah le taic-airgid o Inverness Common Good Fund an 1992.
(Taing do Robert Preece airson an fhiosrachaidh seo)ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathDEIT:1992LINN:1990anNEACH-FIOSRACHAIDH:Acadamaidh Rìoghail Inbhir NisCRUINNEACHADH:Inverness Royal Academy (photographs)ID Maoin:29932KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath