An Ro-urramach Artair Iain MacIllEathain

An Ro-urramach Artair Iain MacIllEathain

Dearbh-aithne: PC_STAND_CATH_018 TUAIRISGEUL: Chaidh an t-Easbaig Artair Iain MacIllEathain òrdanachadh mar Easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba san Dùbhlachd 1904. Tha an dealbh-aodainn làn-dathach seo, an-diugh ann an seilbh Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis, a-nis na chrochadh air an staidhre sa phàirt thùsail aig Cùirt Èdein. Rugadh MacIllEathain ann an 1858 agus fhritheil e Colaiste an Rìgh sa Dhrochaid Cham (Cambridge) o 1876 gu 1883. Rinn e a chiad sheirbheis ann an Sgìre-Easbaig Earra-ghàidheil 's nan Eilean, agus a-rithist mar Phrìomh-shagairt ann am Port Rìgh. 'S e bha an ceann Misean Asaoirianach Àrd-easbaig Chanterbury o 1886 gu 1891. Rinneadh MacIllEathain na cheann aig Colaiste na Sgoil-diadhaireachd ann an Dùn Èideann ann an 1903 agus ann an 1904 chaidh Dotaireachd Dhiadhachd a thoirt dha le Oilthigh Ghlaschu. Rinn e seirbheis mar Easbaig do Mhoireibh, Ros is Gallaibh o 1904 gu a bhàs ann an 1943. 'S e bha na Phrìomhaire (Primus) aig an Eaglais Easbaigich o 1935. Ann an Inbhir Nis b' e a dhachaigh Lùchairt an Easbaig ann an Cùirt Èdein faisg air Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ri taobh na h-aibhne. Sgrìobh e gu pailt air cuspairean creideimh agus air a' chànain Saoiriac. Am measg nan euchdan a bu chliùitich aige, bha e na phrìomh ailtire aig Leabhar Ùrnaigh na h-Alba, air a chleachdadh ann an Eaglaisean Easbaigeach na h-Alba. Chaidh seo fhoillseachadh ann an 1929, agus chaidh a chleachdadh san Eaglais gu ruig deireadh nan 1960an nuair a thòisich dreachan eile de phàirtean Leabhar nan Ùrnaigh, m.e. an Ùrnaigh Choitcheann no 'Liturgy', a bhith air am foillseachadh agus air an cleachdadh gu cunbhalach. Chaidh a sgeulachd-beatha a sgrìobhadh le W. G. S. Snow, foillsichte ann an 1950. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath CRUINNEACHADH: St Andrew's Cathedral, Inverness ID Maoin: 30014 KEYWORDS_GAELIC: