Rùm na Maidne, Cùirt Èdein

Rùm na Maidne, Cùirt Èdein

Dearbh-aithne: PC_STAND_CATH_048 TUAIRISGEUL: Chaidh Cùirt Èdein a thogail fada sna 1870an leis an Eaglais Easbaigeach Albannach mar lùchairt do dh'Easbaig Mhoireibh, Rois is Ghallaibh, an t-Easbaig Raibeart Èdein. An dèidh dha a dhèanamh na Easbaig aig Moireibh is Ros (mar a bha e an uair sin) ann an 1851, bha e air iomairt leasachaidh na sgìre-easbaig a dhèanamh. An toiseach b' ann ann an Eilginn a bha an t-Easbaig, a' fuireach ann an Taigh Dhubhais, ach an dèidh beagan bhliadhnachan ghluais e a dh'Inbhir Nis far an robh e a' fuireach ann an Taigh Hedgefield ann an Rathad Cùil Tuathail. Ann an 1866 chaidh aige air clach-bhonn aig a chathair-eaglais ùr a chur sìos air ionad faisg air Abhainn Nis. Chaidh an togalach a dheilbh le ailtire sgìreil, Alasdair Ros. Chaidh an obair air adhart gu luath agus ann an 1869, ghabhadh seirbheisean an cumail san togalach, ged nach do thachair coisrigeadh an togalaich (rud nach fhaodadh a bhith ann gus am biodh na fiachan air am pàigheadh) gu ruig 1874. Bha an Eaglais Easbaigeach den bheachd gu robh iad fada an comain an Easbaig Èdein airson na rinn e, agus chuir iad romhpa gur e togail lùchairt an fhreagairt as fheàrr mar thaing dha. Cheannaich an t-Easbaig an talamh, faisg air a' chathair-eaglais, dha fhèin o Shir Alasdair MacMhathain agus chaidh an lùchairt a thogail ann an 1877/1878. Bha rumannan Poblach ann: rùm-bìdh, rum-tarraing, leabharlann agus rùm maidne (san dealbh seo). Tha an Rùm Maidne an-diugh na phàirt de Rùm MhicIllEathain a' coimhead ri Abhainn Nis. ÀITE: Inbhir Nis SIORRACHD/PARRAIST: INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath CRUINNEACHADH: Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and Caithness ID Maoin: 30044 KEYWORDS_GAELIC: