Dearbh-aithne:PC_STAND_CATH_54TUAIRISGEUL:B' ann an taobh an ear Sràid na h-Eaglaise, eadar na cinn aig Sràid an Aonaidh is Geata na Banrigh, a bha Eaglais an Naoimh Eòin, an dàrna eaglais ann an Inbhir Nis leis an ainm seo. Chaidh an eaglais fhosgladh san Iuchar 1838. Air a dheilbh le Uilleam Robasdan, bha mullach na h-eaglais a' leantainn stoidhle a' mhullaich air Caibeal Eanraig VII ann an Abaid Westminster. Chaidh a' chlach-bhonn a chur sìos a' bhliadhna roimhe leis an Deathan Fyvie.
Chosg an togail dhith £2000, agus chaidh a leagail ann an 1903, ged a mhair an tùr aice ann an Sràid na h-Eaglais gu ruig 1958. Bho 1903 chaidh a làrach a chleachdadh na garaids aig muinntir Chapman. Tha an gràbhaladh seo, 's dòcha o mheadhan na 19mh linn, a' sealltainn deilbh dhreachail airson an tùr a chrìochnachadh, sgeama nach tàinig a-riamh gu buil.
'S ann aig Eaglais an Naoimh Eòin a tha an coithional Inbhir Niseach as aosta aig an Eaglais Easbaigich Albannaich. A rèir nan clàran, bha an t-Urr Eachann MacCoinnich, ministeir na paraiste o 1688 "a staunch upholder of Episcopacy, and declined to accept the new system (Presbyterianism) at the Revolution, but continued to perform his duties as Parish Minister". An 14mh den Dàmhair 1691, chaidh Eachann MacCoinnich, agus muinntir a choithionail, a thilgeil a-mach à Eaglais na Paraiste.
Fad iomadh bliadhna bhiodh na h-Easbaigich ag adhradh gu dìomhair. Às dèidh Ar-a-mach 1688 bha ceud bliadhna de gheur-leanmhainn orra, agus an ceann nan ceud bliadhna sin bha na h-Easbaigich a' coinneachadh ann an Taigh coinneimh beag air a' Mhaghad. Chaidh ciad eaglais an Naoimh Eòin a thogail ann an 1801 aig ceann a tuath Sràid na h-Eaglaise. 'S e Eaglais an Naoimh Eòin an-là an-diugh, air Rathad an Taobh a Deas/ Southside, an treas tè leis an ainm sin ann an Inbhir Nis, agus chaidh cuid de na feartan ailtireach aice a thogail on dàrna eaglais leis an ainm sin.ÀITE:Inbhir NisSIORRACHD/PARRAIST:INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am BànathCRUINNEACHADH:Scottish Episcopal Church, Diocese of Moray, Ross and CaithnessID Maoin:30050KEYWORDS_GAELIC:
Your download will start shortly, please do not navigate away from this page until the download prompt has appeared. Doing so may cause your download to be interrupted.
Tha sinn a’ cleachdadh chriomagan airson an làrach-lìn againn a dhèanamh cho math ’s a ghabhas. Ma leanas tu ort a’ cleachdadh na làraich seo, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil thu riaraichte leis a seo.Glè mhath